Skip to main content
This information is being maintained for archive/historical purposes only.
It will not be updated.

Bord na Gàidhlig 


Cànain

Gàidhlig na h-Alba

Gèarr-iomradh air a' bhuidhinn riochdaichte sa phròiseact

Bòrd na Gàidhlig'S e tha ann am Bòrd na Gàidhlig buidheann neo-roinneil phoblach a stèidhich Riaghaltas na h-Alba an 2003. Fo chumhnantan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 tha cumhachdan reachdail aig a' Bhòrd agus an urra ris tha àrdachadh is cuideachadh cànain is cultar na Gàidhlig agus comhairleachadh mu chùisean a thaobh cànain, foghlam is cultar na Gàidhlig.

Is e prìomh amas a' Bhùird àireamh luchd-cleachdaidh is labhairt na Gàidhlig a mheudachadh le bhith neartachadh na Gàidhlig mar chànain coimhearsnachd is teaghlaich; le bhith brosnachadh barrachd cleachdaidh is tuigsinn air Gàidhlig; agus le cothrom nas fhèarr a thoirt do Ghàidhlig is a cultar an Alba agus an àiteachan eile. Bord na Gaidhlig

  

Dùthaich far am bruidhnear a' Ghàidhlig

Tha luchd-labhairt na Gàidhlig a' comhnaidh sa h-uile sgìre an Alba.

An 1881 bha 87.8% de luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba a' comhnaidh an 'Siorrachdan na Gaidhealtachd'. An diugh tha an sgaradh eadar Gaidhealtachd is Galldachd faisg air leth mu leth le 55.5% de luchd-labhairt na Gàidhlig a' comhnaidh an sgìrean nan ùghdarrasan ionadail as dlùithe ceangal ri coimhearsnachd dhualchasach na Gàidhlig, sgìrean Comhairlean nan Eilean Siar, na Gaidhealtachd agus Earra-ghaidheal is Bhòid, agus 44.5% a' comhnaidh sa chòrr de dh' Alba. (Fiosrachadh bho: GROS Cunntas-sluaigh Alba 2001)

Sna deicheadan bho chionn ghoirid tha gnè na coimhearsnachd Ghàidhlig air tilleadh gu barrachd iomadachd a thaobh àrainneachd, cinneachais is eòlais. Far an treasa i an Innse Gall tha a' Ghàidhlig aig a' mhòr-chuid, le dualchas beothail sgìreil an cois cleachdadh na cànain gun fhor ann an suidheachadh an latha 'n diugh. Tha eilthirich às na coimhearsnachdan seo a' fuireach len teaghlaichean air feadh na dùthcha nan cosnaichean no nam fastaichean an deifir obraichean is dhreuchdan. Cuideachd tha feadhainn ann a tha air Gàidhlig a thogail gun cheangal teaghlaich nochdte idir ris a' chànain. Tha iad seo a' gabhail a-steach feadhainn a tha air fileantachd a ruighinn tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha cuid eile an sàs an ionnsachadh na Gàidhlig no ga cleachdadh a thaobh litearrais ach gun chomas, no le glè bheag comais, air a bruidhinn.

Dàta sòisio-cànanach ri fhaighinn airson cànain

An 1901 bha 230,806 neach aois trì no còrr (6.76%) a' bruidhinn Gàidhlig an Alba An diugh, tha 1.21% de shluagh na h-Alba a' bruidhinn Gàidhlig, le 58,652 neach aois trì no còrr air an clàradh sa Chunntas-sluaigh mu dheireadh.

A dh'aindeoin mar a tha na h-àireamhan a' sìor lughdachadh, thug buil Cunntas- sluaigh 2001 beagan adhbhair airson dòchais stuama. Tha ìre a' chrìonaidh an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig air fàs nas maille, agus cha robh e mòran 's a dhàrna leth eadar 1991 is 2001.

Is ann a nochd am bann aoise a b' òige, 3 -15, beagan meudachaidh, suas 343 bho 1991 gu 7,435. Mas e seo da-rìribh toiseach gluasaid às ùr, tha an stèidh airson fàs an t-sluaigh ga leagail mar tha.

Airson na ciad uarach chlàr Cunntas-sluaigh 2001 cuideachd an àireamh dhaoine a bha cumail a-mach comais gun chleachdadh sa chànain. Thuirt 33,744 neach eile gun leughadh, gun sgrìobhadh no gun tuigeadh iad a' Ghàidhlig.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Ghàidhlig bho:
General Register Office for Scotland
Sgrud Research
CILT Scotland
Sabhal Mor Ostaig
Linguae Celticae

Inbhe laghail na cànaine

Ann am freagairt sgrìobhte gu Taigh nam Morairean air 12 Òg-mhios 2003 (Hansard WA70) thuirt Morair Evans Theampuill Guiting às leth an Riaghaltais:

"Dhaingnich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an Cùmhnant Eòrpach airson nan Cànan Roinneil is Mion-chànan sa Mhàrt 2001. Mar neach-soidhnidh a' Chùmhnant, tha an Riaghaltas air dealas soilleir a nochdadh gun glèidh is gun adhartaich iad cleachdadh nam mion-chànan dhùthchasach air feadh na Rìoghachd Aonaichte, a' gabhail a-steach na Gàidhlig. Mar sin, tha inbhe oifigeil aig a' Ghàidhlig san Rìoghachd Aonaichte, ged is ann air Riaghaltas na h-Alba tha uallach leasachadh na Gàidhlig air a chur."

Sa Ghiblean 2005, chuir Pàrlamaid na h-Alba air adhart gu h-aon-ghuthach Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 dhan tugadh Aonta Rìoghail san Ògmhios 2005. Tha an Achd ag aithneachadh na Gàidhlig mar chànain oifigeil an Alba, airidh air urram co-ionnan ri Beurla. Tha an Achd a' stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig mar bhuidheann reachdail agus ag iarraidh gun cruthaichear plana nàiseanta a bheir stiùireadh ro-innleachdail do leasachadh na Gàidhlig an Alba. Tha an Achd cuideachd a' dèanamh beairt do dh' ùghdarrasan poblach an Alba airson planaichean Gàidhlig a chruthachadh. Tha an reachdas air a dhealbh gus cleachdadh na Gàidhlig àrdachadh, inbhe na cànain a dhaingneachadh agus dèanamh cinnteach à seasmhachd dhith san fhad-ùine.

Dùbhlain choitcheann dhan chànain

  • Neartachadh sgaoileadh na Gàidhlig san teaghlach
  • Neartachadh na Gàidhlig mar chànain coimhearsnachd
  • Leudachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig agus a neartachadh san àrd-sgoil
  • Cion luchd-teagaisg Gàidhlig le teisteanas freagarrach
  • Brosnachadh luchd-labhairt òga gus barrachd Gàidhlig a chleachdadh
  • Suidheachaidhean nas lìonmhoire is nas fharsainge sam bi cothrom aig luchd-labhairt na Gàidhlig a' chànain a chleachdadh
  • Brosnachadh barrachd tuigse is mothachaidh mun chànain is mun chultar